A’ dèanamh soidhne rathaid

‘S e an ath rud a th’ agaibh ri dhèanamh ach soidhne rathaid a dhealbhachadh airson innse do dhràibhearan a bhith faiceallach agus gu bheil iad a’ dràibheadh an àite far a bheil fèidh pailt. Tha fèidh uaireannan a’ leum a-mach gu h-obann air beulaibh chàraichean, air neo a’ seasamh ann am meadhan an rathaid – air an dalladh le solais chàraichean – leis na càraichean a’ bualadh annta. Is ainm do thubaist dhen t-seòrsa seo ‘deer vehicle collision’ (DVC); tha iad seo a’ dèanamh cron air a’ bheathach, air a’ chàr agus uaireannan air an dràidhear.

Gheibh sibh mìneachadh a bharrachd bhon tidsear.

 

Comments are closed.