Mu

Cò mu dheidhinn a tha an goireas?

Cuidichidh an goireas seo sibh fhèin agus na sgoilearan agaibh ann a bhith a’ faighinn a-mach mu fhèidh an Alba – na h-àrainnean aca, mar a tha iad air an làimhseachadh agus a’ bhuaidh nan lùib a thaobh àrainneachad is eaconamaidh na h-Alba.

Bidh cothrom aig na sgoilearan a dhol an-sàs an ionnsachadh a-muigh; le cothroman faighinn a-mach dhaibh fhèin mu sheasmhachas, bith-iomadachd agus eadar-eisimeileachd – feuch is gum bith na bòtannan deisel agaibh!!

Gheibhear a-mach cuideachd air cho math sa tha sitheann-fèidh dhuibh mar bhiadh math, blasta a tha a’ cur ri daithead fhallain – agus cuideachd ri eaconamaidh na h-Alba.

Ni an goireas seo cuideachadh mòr a thaobh cur an sàs bhuilean is eòlasan a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais, gu h-àraidh mu choinneamh nan Saidheansan, Ionnsachadh a-Muigh, Slàinte is Sunnd, Eòlas Sòisealta agus na h-Ealain Chruthachail.

Dè na lorgas sa ghoireas?

Lorgas dà phròiseact shònraichte sa ghoireas:

Pròiseact 1 – a’ coimhead ri fèidh a thaobh bith-iomadachd, sèinichean bìdh, àrainnean agus am buaidh air àrainneachd agus eaconamaidh na h-Alba.

Pròiseact 2 – a’ coimhead ris an àite a th’ aig sitheann mar bhiadh math, fallain air truinnsearan na dùthcha agus cudrom na feòla do eaconamaidh na h-Alba.

Tha na gnìomhan an lùib nam pròiseactan air an roinn eadar a’ chiad, an dàrna agus an tritheamh ìre. Mholamaid gum bu chòir stiùireadh a thoirt do sgoilearan dè an ìre aig am bu chòir dhaibh a bhith.

Fon roinn Goireasan feumail lorgas:

  • bhidiothan beaga
  • dealbhan bho chamarathan air slighean
  • làraichean-lìn
  • dealbhan de dhiofar ghnèithean fèidh
  • dealbhan de lorgan-coise, buachar agus fianais eile gu bheil fèidh ann
  • mapa de dh’Alba a’ sealltainn dùmhlachd nam fiadh an sgìrean air feadh na dùthcha
  • clàr a’ taisbeanadh stòiridh nam fiadh is sitheann bho bheinn-gu-beul
  • eisimpleir air fios-naidheachd airson cur gu pàipearan-naidheachd ionadail

Cuidichidh seo na sgoilearan gus rannsachadh an fhiosrachaidh a dh’fheumas iad airson nan gnìomhan aca.

Mu dheireadh, nithear taisbeanadh air obair nan sgoilearan sa roinn Ceàrnaidh na Cloinne.

Comments are closed.